musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - OCHOIN A RIGH, GUR TINN AN GALAIR AN GRADH - MARGARET STEWART - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Ochoin a Righ, Gur Tinn An Galair An Gradh letra


Ochóin a righ
Gur tinn an galair an gràdh
Chaneil neach air am bi
Nach saoil gur bliadhna gach là
Gun bhris e mo chridh'
'S gun sgaoil e chuislean mo shlàint'
Bhith cumha na dhéidh
Bhon thréig mi fear an fhuilt bhàin

Air fairil a ló
Horó, air fairil a lé
Air fairil a ló
Horó, air fairil a lé
Faill-ì faill ó
Horó, air fairil a lé
'S ochóin a ghaoil
Gum b'aotrom, aighearach sinn

Nuair théid thu thar sàil
A ghràidh biodh glainne nad dhòrn
'S bi 'g òl dheoch slàint'
'S gach àit 's a suidh thu aig bòrd
Do chridhe geal éibhinn
Aotrom, aighearach òg
'S bu bhinne do bheul
Na 'n teud bho 'n tigeadh an ceòl

Nach robh mi 's mo ghràdh
Air àiridh, monadh no sliabh
No air an tràigh bhàin
No 'n àit' nach robh duine riamh
Seachd oidhche, seachd là
Gun tàmh, gun chadal, gun bhiadh
Is tusa bhith ghràidh
'S do làmh an tarruing mum bhian

Do chùl buidhe dualach
Cuachach camagach tlàth
Dh'fhàg mise fo ghruaim
Gu buan gu latha mo bhàis
'S nan tigeadh tu nuas
Air chuairt dhan bhaile-sa thàmh
Ged chaochail mo shnuadh
Bu dual dhomh rithist bhith slàn

Margaret Stewart - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br