musicas.mus.br
Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - ÒRAN FEAR GHLINNE-CUAICH - MARGARET STEWART - música e letra
Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas
Òran Fear Ghlinne-Cuaich letra
Faigh an t-searrag-sa mun cuairt
Lìon an àird gu bàrr a' chuach
Deoch slàinte fear ghlinne-cuaich
'S gun éireadh buaidh gach latha leis
Latha dhomh 's mi muigh air chuairt
Thachair orm fear ghlinne-cuaich
Làmh a dhiòladh dhòmhs' an duais
'S gun d'fhuair sin rud an latha sin
Ceist nam ban o thìr nam bó
Far strath chluainidh ghorm an fheòir
Far an d'fhuair thu d'àrach òg
'S gun cùnnte móran aighean dhut
Bu tu ceann-uidhe nam bàrd
Na fìdhlearan 's luchd nan dàn
Nuair a shìneadh tu do làmh
Gum b'àilteachadh leam crathadh dhith
Nuair a dheidheadh tu bheinn a' cheo
Dh'iarraidh fàth air damh na cròic
Air do shùil cha laigheadh sgleò
'S bu sheòlta dol 's an amharc thu
'S tric a leag thu màthair laoigh
'S a choille ghuirm air a taobh
Eilid bhinneach nan cas caol
Is coileach fraoich 's a chamhanaich
Nuair a dheidheadh tu bheinn na stùc
Le do ghunna 's le do chù
Nuair a lùbadh tu do ghlùin
Gun ùmhlaicheadh na h-aighean dhut
'S truagh nach d' thachair dhomh bhi 'm bhàrd
A thogadh do chliù an àird
Dheanainn innse dhuibh nam dhàn
Gur mac a dh'fhàs mar d'athair thu
'S dé dheanadh do mhàthair chòir
An fhuil uasal dh'fhàs gun phròis
Mura tachradh ort té mhór
Aig am biodh stòr nach caitheadh I
'S faigh an t-searrag-sa mun cuairt
Lìon an àird gu bàrr a' chuach
Deoch slàinte fear ghlinne-cuaich
'S gun éireadh buaidh gach latha leis
Margaret Stewart - Letras
- 'S Olc An Obair Do Theachdairean Cadal
- Bha Caileag As T-earrach
- Colla Mo Rùn
- Cumha Mhic An-toisich
- Dol Dhan Taigh Bhuan Leat
- Fhuair Mi Pog A Laimh An Righ
- He Na Milibhig
- Hì Hó Leagain
- Hug Oreann o Ro Gur Toigh Leam Fhìn Thù
- I Ho Ro 'S Na Hug Oro Eile
- O Mhairi 'S Tu Mo Mhairi
- Ochoin a Righ, Gur Tinn An Galair An Gradh
- Òran Fear Ghlinne-Cuaich
- Òran Tàlaidh An Eich-uisge
- Rinn Thu Eudail Mo Mhealladh
- Sean Duine Cha Ghabh Mi Idir
- Tha Sinn A' Falbh
- Tha Sìor Chóineadh Am Beinn Dóbhrain
- Théid Is Gun Téid E Leam
- Uamh An Oir
top 30 músicas
©2003 - 2024 - musicas.mus.br