musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - Hì Hó LEAGAIN - MARGARET STEWART - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Hì Hó Leagain letra


Hì hó leagain, hì hó m'aighean
Hì hó leagain, hì hó m'aighean
M'aighean ho leagain, hì hó m'aighean
Mo chrodh laoigh air gach taobh dhen bhuailidh

Faic an dris ud air an lìonaig
'S I a' lùbadh leis na smeuran
'S amhuil siud agus m'aghan ceudlaoigh
An t-agh is ciataich' de chrodh na buailidh

'S ì mo rùn sa an t-aghan caisfhionn
Cha 'n iarr I buarach a chur mu casan
'Nuair 'bhiodh càch anns na sìomain naisgte
'S e siòd' á sasuinn bhiodh air mo ghuailfhionn

M'eudail fhìn an t-aghan caisfhionn
Théid dhan' bheinn is nach iarr I dhachaigh
Cudthrom bainne air a casan
Is laogh a h-altrum le gheum ga buaireadh

Dh'aithnichinn grìsfhionn a tighinn air fàire
Leis a mheanbh-bhric a tha mu bràighe
Rìgh gur ro-mhath a thogail àil I
A suas thar chàich 's I an ceannard buailidh

M'eudail ise a chrodh na tìr seo
Bheir I dhòmhsa am bainne prìseil
Gheibh mi càise 's gheibh mi ìm dhith
'S nam biodh I uam gum bu mhór dhìth I

Margaret Stewart - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br